Shrapnel, Theatre Gu Leòr. Dealbh. Le Mihaela Bodlovic

Plana Cànain Gàidhlig Alba Chruthachail

Tha Alba Chruthachail air Plana Cànain Gàidhlig na buidhne fhoillseachadh, le fios air gealltanasan a thaobh taic do chànan agus cultar na Gàidhlig tarsainn nan ealan, sgrìn agus gnìomhachasan cruthachail thairis air an ath trì bliadhna. https://www.creativescotland.com/resources/our-publications/plans-and-strategy-documents/gaelic-language-plan 

Tha an dàrna Plana Cànain Gàidhlig aig a’ bhuidhinn (2019-22) a’ togail air taic a th’ ann mar-thà do chànan agus cultar na Gàidhlig agus tha e a’ mìneachadh mar a bhios a’ bhuidheann, agus na daoine agus buidhnean ris a bheil i a’ cumail taic, a’ cuideachadh ann a bhith a’ toirt amasan A’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018-2023 gu buil.

Thuirt Màiri Kidd, Ceannard Litreachais, Chànanan is Foillseachaidh, Alba Chruthachail: “Tha sinn toilichte am plana seo fhoillseachadh ann an 2019, Bliadhna nan Cànanan Dùthchasach aig UNESCO – ùrlar cumhachdach a leigeas leinn urram a nochdadh don àite cudromach a th’ aig a’ Ghàidhlig ann am beatha chultarach is chruthachail Alba.

“Tha cànan agus cultar na Gàidhlig nam pàirt bhunaiteach de fhèin-aithne Alba, agus nam pàirt mhòr de dh’iomadalachd agus suaicheantachd na dùthcha. Le taic bho luchd-obrach le eòlas sa chànan, bidh sinn a’ cumail taic ri buidhnean agus daoine fa leth anns na h-ealain Ghàidhlig, air sgrìn, anns na gnìomhachasan cruthachail agus tro ar prògraman maoineachaidh.

“O chionn goirid roghnaich sinn maoineachadh a chleachdadh gus àite a ghlèidheadh do neachd-labhairt na Gàidhlig air prògram Bhursaraidhean Cruthachail Weston Jerwood – tha am prògram ag amas air sgilean ceannardais an ath ghinealaich de luchd-ealain, luchd-glèidhidh, luchd-riochdachaidh agus daoine cruthachail eile bho bhuidhnean nach eil air an riochdachadh mar bu chòir a leasachadh. Tha sinn cuideachd ag obair air prògram ùr a chruthaicheas cothroman do bhreithnichearan ealain le Gàidhlig. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ foillseachadh tuilleadh mu na cothroman seo anns na seachdainean is mìosan ri thighinn.”

Thuirt Leas Phrìomh Mhinistear Iain Swinney: “Tha mi a’ cur fàilte air an taic agus aire don Ghàidhlig a th’ air am mìneachadh ann am Plana Cànain Alba Chruthachail. Tha a’ Ghàidhlig fo làn bhlàth sna gnìomhan cultarach a tha a’ tachairt air feadh na dùthcha agus tha àite cudromach aig Alba Chruthachail ann a bhith a’ cumail taic ris a’ chànan.”

CRÌOCH

Contact Information

Claire Thomson

Media Relations & PR Officer

Creative Scotland

+44 141 302 1708

07747606146

claire.thomson@creativescotland.com

Notes to editors

Image Credit - Shrapnel, Theatre Gu Leòr. Dealbh: Le Mihaela Bodlovic

Mu thaic Alba Chruthachail don Ghàidhlig
Tha Alba Chruthachail a’ cumail taic ri leasachadh agus brosnachadh cànan agus cultar na Gàidhlig tro mhaoineachadh, tagrachd agus tro ar gnìomhan. Leanaidh Alba Cruthachail oirre a’ cumail taic ris a’ Ghàidhlig, a’ cuideachadh gus aire don chànan a thogail, ionnsachadh a bhrosnachadh agus cleachdadh a chur am meud.

Tha brosnachadh cànan na Gàidhlig agus cultar dùthchasach na phàirt bhunaiteach don obair aig buidhnean maoinichte leithid TRACS (Traditional Arts and Culture Scotland, a’ gabhail a-steach Ionad Sgeulachdan Alba), Fèisean nan Gàidheal, An Lanntair, Urras Thaigh Chearsabhagh, Comhairle nan Leabhraichean, Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd, Fèis Rois, Celtic Connections, Hands up for Trad, Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, Playwrights Studio agus Urras Leabhraichean Alba, agus grunn buidhnean eile a tha a’ cumail taic ri cànan agus luchd-ealain na Gàidhlig mar phàirt dhen obair aca. Tha luchd-ealain agus luchd-ciùil fa leth a’ faotainn taic tro Mhaoineachadh Pròiseict gus obair ùr sa Gàidhlig a chruthachadh, a chlàradh is a sgaoileadh – mar eisimpleir fhuair Màiri NicIlleMhaoil taic o chionn ghoirid gus clàr ùr de dh’òrain traidiseanta Gàidhlig a chlàradh.

Tha maoineachadh air a shònrachadh ach am bi cothrom aig neach-labhairt na Gàidhlig pàirt a ghabhail ann am prògram Bhursaraidhean Cruthachail Weston Jerwood, a tha ag amas air sgilean ceannardais an ath ghinealaich de luchd-ealain, luchd-glèidhidh, luchd-riochdachaidh agus daoine cruthachail eile bho bhuidhnean nach eil air an riochdachadh mar bu chòir a leasachadh. Tha Alba Chruthachail cuideachd gus cothrom trèanaidh inntinneach ùr a chur an cèill an ùine gun a bhith fada do bhreithnichearan-ealain Gàidhlig.

Tha luchd-ealain traidiseanta is na Gàidhlig nan tosgairean do dh’Alba tarsainn na cruinne. Tha Alba Chruthachail a’ cumail taic ri luchd-ciùil traidiseanta - luchd na Gàidhlig nam measg – ach an taisbean iad an obair aca gu h-eadar-nàiseanta tro iomairt shoirbheachail Showcase Scotland aig Celtic Connections agus aig fèisean eadar-nàiseanta leithid Lorient san Fhraing agus WOMEX, taisbeanadh ceòl na cruinne.

A thaobh sgrìn, tha taic ga cumail ris a’ Ghàidhlig tro ThBh sa chànan agus tro iomairtean leithid Film G. Tha ceangal taiceil gnìomhach aig Alba Chruthachail ri MG Alba, a’ gabhail a-steach co-mhaoineachadh airson na dràma leantainnich ‘Bannan’ agus prògraman aithriseach leithid ‘Hamish’ agus ‘An Drochaid – the Bridge Rising’ agus bithear ag obair le MG Alba air tachartasan mòra leithid duaisean bliadhnail na Trads agus Celtic Connections.

Mu Alba Chruthachail
Is e Alba Cruthachail a’ bhuidheann phoblach a tha a’ cumail taic ri na h-ealain, sgrìn is gnìomhachasan cruthachail air feadh Alba às leth a h-uile duine a tha a’ fuireach, ag obair no a’ tadhal an seo. Bidh sinn a’ cumail taic ri daoine agus buidhnean gu bhith ag obair no a’ gabhail pàirt anns na h-ealain, sgrìn is gnìomhachasan cruthachail ann an Alba le bhith a’ cuideachadh dhaoine eile gus smuaintean cruthachail a leasachadh agus a thoirt beò. Bidh sinn a’ toirt seachad maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba is an Crannchur Nàiseanta. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Alba Chruthachail feuchaibh www.creativescotland.com. Nach lean sibh sinn @creativescots agus www.facebook.com/CreativeScotland