CT19-3

Maoinean èiginn Riaghaltas na h-Alba airson ealain òigridh na Gàidhealtachd

Tha maoinean èiginn Riaghaltas na h-Alba a tha air an lìbhrigeadh tro Alba Chruthachail a’ cur air chomas do bhuidhnean ealain is ceòl òigridh gnìomhan agus iomairtean ùra a chur air dòigh airson daoine òga air a’ Ghàidhealtachd.

Tha Fèis Rois, Fèisean nan Gàidheal agus Drake Music am measg 18 buidhnean ealain is ceòl òigridh nas fharsainge a tha a’ faighinn co-roinn de £1,053,000 airson sreath de phròiseactan ionadail agus nàiseanta ’s iad uile ag amas air buidhnean prìomhachais de chloinn agus daoine òga agus a’ toirt obair chudromach do luchd-ealain a tha ag obair air an ceann fhèin.

Thuirt Fiona Dalgetty, Àrd-oifigear, Fèis Rois: “Bidh am maoineachadh seo a’ cumail taic rinn ’s sinn ag obair air ath-ghabhail solar ealain òigridh thairis air na naoi raointean Com-pàirteachas Dealbhadh Coimhearsnachd de Chomhairle na Gàidhealtachd, a ghabhas a-steach feumalachdan sònraichte aig na coimhearsnachdan eadar-dhealaichte. Chan e daoine òga air feadh na Gàidhealtachd a-mhàin a gheibh buannachd bhon mhaoineachadh seo; leigidh e leinn obair phàighte airson luchd-ealain an sgìre ionadail a chruthachadh cuideachd.”

Thuirt Art MacCarmaig, Àrd-oifigear, Fèisean nan Gàidheal: “Tha sinn air ar dòigh glan gun d’ fhuair sinn air maoineachadh a choisneadh gus cothroman ciùil airson daoine òga a leudachadh agus cosnadh airson ùine nas fhaide a thoirt do chuid de luchd-ciùil, a bharrachd air a bhith a’ cumail taic do Fhèisean ionadail is a’ meantoradh luchd-oideachaidh nach eil cho eòlach.  Bidh sin a’ neartachadh nan sgilean a tha rim faighinn ann an grunn choimhearsnachdan agus bidh sin taiceil airson obair ceòl òigridh san àm ri teachd.”

Thuirt Thursa Sanderson, Àrd-oifigear, Drake Music Scotland: “Bidh am maoineachadh seo a’ cur air chomas dhuinn a dhol air adhart le Sound Explorers, prògram ùr gnìomhachd air-loidhne. Tha am prògram a’ dèiligeadh gu math le cruth-tìre ionnsachaidh atharraichte de dhaoine òga le feumalachdan taice a bharrachd ’s am prògram na dhòigh eadar-ghnìomhach is spòrsail a bhith a’ cluich ceòl.

“Cuiridh seo aghaidh air dìth cothrom na h-òigrdh le ciorramachdan no feumalachdan taice a bharrachd air a bhith a’ dèanamh ceòl, le bhith a’ briseadh bhacaidhean galar mòr-sgaoilte Covid-19 airson clann a tha a’ leth-oireachadh aig an taigh no an fheadhainn a tha san t-seòmar-chlas.”

A bharrachd air sin, thèid cothromanan airson daoine òga air feadh na dùthcha a sholarachadh le buidhnean eile a fhuair maoineachaidh leithid Engage, Film Access Scotland, Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd, Còisir Òigridh Nàiseanta, Urras Leabhraichean na h-Alba, Comann Còmhlain Ionnsramaidean Pràiseach na h-Alba, Scottish Music Centre, Theàtar Òigridh na h-Alba agus Ealainean Theàtar Òigridh.

Thuirt Rùnaire a’ Chultair Fiona Hyslop: “Tha àite cudromach aig buidhnean ceòl is ealain òigridh ann am beathannan dhaoine òga air feadh na h-Alba sna làithean doirbh seo. 

“Bidh am maoineachadh a’ toirt taic do na buidhnean seo gus an urrainn dhaibh an obair a leudachadh, cothroman cruthachail do dhaoine òga a sholarachadh agus obair is teachd-a-steach a thoirt do luchd-ealain is daoine eile a tha ag obair còmhla riutha sna pròiseactan seo.”

Is e seo na ciad dhuaisean a thèid ainmeachadh de phasgan-maoineachaidh Riaghaltas na h-Alba airson Ealain Òigridh de £3 millean.  Tha fios-labhairtean a bharrachd a thaobh faightearan de co-dhiù £1.2 millean tro Mhaoin Inntrigeadh ri Ealainean Òigridh de £700,000 tro Sgeama nan Tabhartasan Beaga agus £50,000 tro Mhaoin Brosnachadh Tàlant Time to Shine fhathast ri tighinn. 

Thuirt Iain Munro, Ceannard Alba Chruthachail: “Tha na maoinean èiginn uile a tha air an lìbhrigeadh le Alba Chruthachail às leth Riaghaltas na h-Alba ro-chudromach gus aghaidh a chur air droch bhuaidhean galar mòr-sgaoilte Covid-19. Tha mi air leth toilichte ainmeachadh an-diugh gun ruig na ciad bhuidhnean a fhuair maoineachadh Ealain Òigridh air cuid de chloinn agus daoine òga air a bheil a’ bhuaidh as motha aig a’ ghalar mòr-sgaoilte agus gun tèid solair cudromach a sholaradh do luchd-ealain a tha ag obair air an ceann fhèin ’s droch bhuaidh Covid-19 air na cothroman aca.”  

Liosta slàn de bhuidhnean a fhuair taic bhon Mhaoin:

Buidheann (Ainm Malairt

Sgìre Ùghdarras Ionadail

Suim Maoineachaidh

Drake Music Scotland

Dùn Deagh, Dùn Èideann, Glaschu, A’ Ghàidhealtachd

£61,880

Engage

Nàiseanta

£40,744

Fèisean nan Gàidheal

A’ Ghàidhealtachd, Nàiseanta

£30,000

Fèis Rois

A’ Ghàidhealtachd

£64,820

Film Access Scotland 

Nàiseanta

£40,744

Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd

Nàiseanta

£37,477

Còisir Òigridh Nàiseanta na h-Alba 

Obar Dheathain, Glaschu Nàiseanta

£64,820

Orcastra Òigridh Nàiseanta na h-Alba

Glaschu, Sruighlea

£30,000

Urras Leabhraichean na h-Alba

Nàiseanta

£64,820

Comann Còmhlain Pràis na h-Alba

Nàiseanta

£50,680

Ionad Ceòl na h-Alba

Nàiseanta

£64,820

Thèatar Òigridh na h-Alba

Nàiseanta

£64,079

Sistema Scotland

Dùn Deagh, Obar Dheathain

£50,805

Starcatchers*

Dùn Èideann, Fìobha

£193,605

Tinderbox Collective

Dùn Èideann, Peairt agus Ceann Rois

£64,820

Toonspeak Young Peoples Theatre

Glaschu

£44,448

YDance

Lannraig a Tuath

£35,892

Ealainean Theàtar Òigridh na h-Alba

Nàiseanta

£48,939

   

Iomlan: £1,053,393.00

*Tha co-bhuidheann Starcatchers ag obair ann an com-pàirteachas le Imaginate agus Lyra.

Tha am fiosrachadh as ùire air maoinean èiginn air am foillseachadh gu bitheanta air an làrach-lìn seo agus air am foillseachadh tro chonaltraidhean sna meadhanan agus air na meadhanan sòisealta.

Dealbh: Courtesy of Christian Gamauf/Fèis Rois.

Contact Information

Claire Thomson

Media Relations & PR Officer

Creative Scotland

+44 141 302 1708

07747606146

claire.thomson@creativescotland.com

Notes to editors

Tha maoinean Ealain Òigridh a chaidh fhoillseachadh an-diugh mar phàirt de shreath de mhaoinean èiginn bho Riaghaltas na h-Alba a th’ air an lìbhrigeadh le Alba Chruthachail gus feuchainn air lasachadh a thoirt air buaidh Covid-19 air an roinn chruthachail is chultarail. ’S iad na leanas na maoinean èiginn a chaidh fhoillseachadh leis a’ Prìomh Mhinistear air Dihaoine 28 Lùnasatal:

  • £5 millean de Mhaoin Cruadail airson Luchd-Cruthachaidh a tha ag obair air an ceann fhèin, a’ gabhail a-steach maoin do luchd-obrach air an ceann fhèin a tha ag obair ann an Sgrìon, a dh’fhosgail airson thagraidhean air Diluain 26 Dàmhair. Dh’fhosgail a’ Mhaoin – a tha air a bhith air a leudachadh gu £8 millean bho £3 millean a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba a chaidh fhoillseachadh air Dimàirt 3 Samhainn - do bharrachd thagraidhean air Dimàirt 10 Samhainn.
  • £15 millean Maoin Ath-bheothachadh Bhuidhnean Cultarach agus Ionadan Thachartas a dh’fhosgail do thagraidhean air Diardaoin 17 Sultain le ceann-latha de Dhiardaoin 24 Sultain. Chaidh 348 tagradh fhaighinn le luach annta de £22 millean. Chaidh a’ chiad chaob, de £11.75 millean a thoirt do 203 tagraiche, fhoillseachadh air Diardaoin 5 Samhainn. Bidh an dàrna caob air fhoillseachadh air Diardaoin 19 Samhainn.
  • £3.5 millean do Mhaoin Neartachaidh agus Ath-bheothachadh Taighean-dealbh Neo-eisimeileach, a dh’fhosgail do thagraichean air Diluain 14 Sultain le ceann-latha de Dhiluain 5 Dàmhair. Chaidh an fheadhainn a bha soirbheachail fhoillseachadh air Dimàirt 3 Samhainn.
  • £3.5 millean de mhaoin bharrachd airson for Maoin Fhosgailte Alba Chrutachail a tha fosgailte do thagraidhean bho dhaoine fa-leth agus bho bhuidhnean fad na h-ùine.
  • £1.5 millean airson prògram Culture Collective (pàirt dhen £5 millean de Mhaoin Cumail a’ Dol Gnìomhan Cruthachail, air a bheilear a’ toirt iomradh ann am Prògram an Riaghaltais), a’ toirt taic do bhuidhnean a tha a’ fastadh luchd-ealain a tha ag obair air an ceann fhèin agus le coimhearsnachdan air feadh Alba. Chaidh am prògram a chur air bhog air Dimàirt 3 Samhainn.

Am measg nam maoinean a chaidh fhoillseachadh roimhe seo le Riaghaltas na h-Alba tha na leanas:

Tha na maoinean èiginn aig Riaghaltas na h-Alba a thathar gan stiùireadh tro Alba Chruthachail agus mar phàirt dhen fhoillseachadh aig Riaghaltas na h-Alba air Dihaoine 28 Lùnastal de £59 millean de mhaoin èiginn airson cultar agus dualchas. Tha am maoineachadh sin a’ tighinn bhon £97 millean ann am buaidhean bho Riaghaltas na RA airson roinnean cultair agus dualchais.

Tha seo cho math ri £23.5 millean a chaidh a thoirt seachad cheana tro Mhaoin Cruthachalachd, Turasachd, Aoigheachd agus Cruadalachd agus £128 millean tro Mhaoin Neartachaidh Iomairtean Deatamach.

Tha barrachd fiosrachaidh mu mhaoineachadh Covid-19 agus faodaidh goireasan a bhith air am faighinn tro FindBusinessSupport.gov.scot, agus tro Ghoireas Iùll-lann airson COVID-19 na h-Alba.

’S e Alba Chruthachail am buidheann poblach a bhios a’ cur taic ris na h-ealainean, sgrìon agus gnìomhachasan cruthachail air feadh Alba gu lèir às leth a h-uile duine a tha a’ fuireach, ag obair agus a’ tadhal an seo. Bidh sinn a’ sgaoileadh maoineachadh a tha air a thoirt le Riaghaltas na h-Alba agus leis a’ Chrannchur Nàiseanta.

Lean Alba Chruthachail

Twitter: twitter.com/CreativeScots
Facebook: facebook.com/CreativeScotland
Instagram: instagram.com/creativescots