PAVRF web header

Maoinean èiginn Riaghaltas na h-Alba a’ ruighinn ionadan ealain-cluiche na Gàidhealtachd

Tha ionadan ealainean-cluich air feadh na Gàidhealtachd - Ionad Ealain Lyth, Ionad Nibheis agus Ionad Coimhearsnachd is Ealain Inbhir Narann ​​- air £236,000 fhaighinn uile gu lèir bhon ghairm fhosgailte airson tagraidhean gu Maoin Faochaidh Ionad Ealainean-cluich Riaghaltas na h-Alba tro Alba Chruthachail.  

Tha seo a’ tighinn às dèidh £750,000 a chaidh a thoirt do Eden Court roimhe seo, agus £100,000 a chaidh a thoirt dhan Lanntair tron ​​eileamaid chuimsichte den mhaoin.  

Tha a’ mhaoin, a chaidh a dhealbhadh gus taic a thoirt do dh’ionadan ealain-cluich nach urrainn ath-fhosgladh fhathast air sgàth buaidh leantainneach galar lèir-sgaoilte Covid-19, a’ cuideachadh gus:  

  • cur às dhan chunnart gum bi brisidh ionmhais ann ro dheireadh a’ Mhàirt 2021 gus an urrainn obair leasachaidh is lìbhrigidh a chur an comas cho luath ’s a ghabhas  
  • leigeil le luchd-obrach speisealta / bunaiteach tilleadh bho fhòrladh no gus dèanamh cinnteach nach tèid am pàigheadh dheth gus an urrainn dhaibh obair air planaichean gnìomhachd seasmhach airson an àm ri teachd   
  • meudachadh chothroman coimiseanaidh is cosnaidh do luchd-ealain neo-cheangailte agus cleachdaichean cruthachail (eadar seo agus deireadh a’ Mhàirt 2021) gus taic a thoirt do chom-pàirteachadh poblach fhad ’s a tha na h-ionadan dùinte.   

Thuirt Iain Munro, Àrd-oifigear, Alba Chruthachail: “A dh’aindeoin na droch buaidh leantainnich aig galar lèir-sgaoilte Covid-19 air ionadan ealain-chluich na h-Alba, agus air cultar san fharsaingeachd, tha e math gun urrainn dhuinn beagan maoineachaidh a thabhann gus ionadan a chuideachadh aig an àm dhùbhlanach seo. Tha mi cuideachd toilichte fhaicinn gum bi am maoineachadh seo a’ cuideachadh ionadan ann am mòran diofar àiteachan ann an Alba far a bheil iad nam pàirt cho cudromach de bheatha chultarach nan coimhearsnachdan ionadail.”  

Gheibhear làn liosta de na 41 buidhnean a fhuair maoineachadh tron ghairm fhosgailte airson Maoin Ionadan Ealain-chluich aig Riaghaltas na h-Alba air làrach-lìn Alba Chruthachail.   

Tha Maoin Faochaidh Ionadan nan Ealan-cluich air aon de shreath cheumannan a thathar a’ cur an sàs gus cuideachadh le bhith a’ lughdachadh nam buaidhean aig COVID-19 san ùine ghoirid air an roinn chruthachail agus chultarach, a’ gabhail a-steach còig maoinean èiginn ùra a chaidh ainmeachadh leis a’ Phrìomh Mhinistear air Dihaoine 28 Lùnastal agus a tha gan lìbhrigeadh tro Alba Chruthachail mar a leanas:  

  • Dh’fhosgail Maoin Ath-bheothachaidh Buidhnean agus Ionadan Cultair, de £15 millean airson tagraichean air Diluain 17 Sultain le ceann-latha mu dheireadh air Diluain 24 Dàmhair.  
  • Dh’fhosgail Maoin Ath-bheothachaidh agus Seasmhachd nan Taighean-dhealbh Neo-eisimeileach, de £3.5 millean airson tagraichean air Diluain 14 Sultain le ceann-latha mu dheireadh air Diluain 5 Dàmhair.  
  • Tha Maoin Cruadal an Luchd-obrach Cruthachail Neo-cheangailte ann de £5 millean. Chuir sinn gairm fhosgailte a-mach a’ sireadh bhuidhnean com-pàirteachaidh gus ar cuideachadh le bhith a’ sgaoileadh na maoin seo. Chaidh a cur air bhog air Dihaoine 11 Sultain, agus is e Dihaoine 25 Sultain an ceann-latha mu dheireadh. Tha sinn ag amas air a bhith comasach air airgead a sgaoileadh bhon Dàmhair. Dh’fhosgail an eileamaid sgrion de na Maoinean Èiginn airson iarrtasan air Dimàirt 22 Sultain.  
  • Tha Maoin Seasmhachd Cleachdadh Cruthachail de £5 millean a’ gabhail a-steach £1.5 millean airson prògram Culture Collective, a chaidh ainmeachadh ann am Prògram Riaghlaidh Riaghaltas na h-Alba, a tha a’ cumail taic ri buidhnean a tha a’ fastadh luchd-ealain neo-cheangailte airson a bhith ag obair ann an, agus còmhla ri, coimhearsnachdan air feadh na h-Alba. Chaidh an £3.5 millean a tha air fhàgail a chur ris a’ Mhaoin Fhosgailte a tha aig Alba Chruthachail mar-thà, a tha fosgailte airson tagraidhean bho dhaoine fa-leth a-nis.   

Tha Maoin Seasmhachd nan Ionadan aig Ìre an t-Sluaigh a chaidh ainmeachadh roimhe air taic a thoirt do 72 ionad air feadh na h-Alba.  Chaidh na tagraichean soirbheachail fhoillseachadh Dimàirt 22 Sultain agus gheibhear làn fhiosrachadh mu na tabhartasan a chaidh a thoirt seachad an seo.  

Bithear a’ foillseachadh ùrachaidhean mun a h-uile maoin èiginn gu cunbhalach air làrach-lìn Alba Chruthachail agus thèid seo a shanasachadh tro chonaltradh sna meadhanan is sna meadhanan sòisealta. 

Contact Information

Katya Speight

Media Relations & PR Co-ordinator

Creative Scotland

01413021743

katya.speight@creativescotland.com

Notes to editors

  • Tha na duaisean a chaidh a thoirt do dh’ionadan ealain-cluich na Gàidhealtachd mar phàirt den ghairm fhosgailte de £5 millean airson Maoin Faochadh Ionadan Ealain-chluiche aig Riaghaltas na h-Alba tro Alba Chruthachail, mar a leanas:  
  • Ionad Ealain Lyth, £97,000 
  • Ionad Nibheis, £50,000 
  • Ionad Ealain is Coimhearsnachd Inbhir Narann, £89,000 
  • Tha na trì ionadan Gàidhealach seo am measg 41 ionadan ealain-cluich air feadh na h-Alba, a fhuair £4.74 millean eadarra gu h-iomlan bho ghairm fosgailte na Maoin. Tha seo a’ tighinn às dèidh £7.5m a chaidh a thoirt do 20 ionad roimhe seo – a’ gabhail a-steach Eden Court agus an Lanntair tron ​​eileamaid chuimsichte den mhaoin.  
  •  Chaidh Maoin Faochaidh Ionadan Ealain-cluich a chur air bhog le Riaghaltas na h-Alba air Dihaoine 3 Iuchar.  B’ e Diciadain 5 Lùnastal an ceann-latha airson ùidh a nochdadh anns a’ ghairm fhosgailte airson £5 millean.   
  • Thèid an £260,000 a tha air fhàgail den bhuidseat £5m, ath-riarachadh gu maoinean èiginn COVID-19 eile aig Riaghaltas na h-Alba airson cultar.  
  • Tha an naidheachd a chaidh ainmeachadh an-diugh mar phàirt de dh’ainmeachadh Riaghaltas na h-Alba air Dihaoine 28 Lùnastal mu mhaoineachadh èiginn de £59 millean airson cultar agus dualchas. Tha am maoineachadh sin a’ tighinn bhon £97 millean ann am maoin thàilleabhach (consequentials) bho Riaghaltas na RA airson roinnean cultair is dualchais.  
  • Tha seo a bharrachd air an £23.5 millean a chaidh a thoirt seachad roimhe tron ​​Mhaoin Cruthachail, Turasachd, Aoigheachd agus Cruadal agus £128millean tron Pivotal Enterprise Resilience Fund.  
  • Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu ghoireasan agus maoineachadh Covid-19 tro FindBusinessSupport.gov.scot, agus tron eòlaire COVID-19 aig Alba Chruthachail.  

’S e Alba Chruthachail a’ bhuidheann phoblach a tha a’ cumail taic ris na h-ealainean, sgrion agus ris na gnìomhachasan cruthachail tro gach pàirt de dh’Alba às leth a h-uile duine a tha a’ fuireach, ag obair no a’ tadhal oirre. Bidh sinn a’ sgaoileadh maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba agus bhon Chrannchur Nàiseanta. www.creativescotland.com  

Lean Alba Chruthachail:  

Twitter: twitter.com/CreativeScots  
Facebook: facebook.com/CreativeScotland  
Instagram: instagram.com/creativescots  

Neach-fios nam meadhanan:  

Claire Thomson, Oifigear Dàimh nam Meadhanan is PR   
Claire.Thomson@creativescotland.com | +44 7747 606 146  

Ceistean mu mhaoineachadh:  

enquiries@creativescotland.com