Wide Days - Alex Amor. Copyright - JannicaHoney

Dòighean ùra ann an conaltradh cultarach is co-obrachadh eadar-nàiseanta

Thugadh maoineachadh ùr do 38 pròiseactan airson modalan ùr-ghnàthach de chonaltradh agus co-obrachadh cultarach eadar-nàiseanta. Bheir na pròiseactan còmhla 82 com-pàirtiche am Breatainn agus 48 com-pàirtiche eadar-nàiseanta, stèidhichte ann an còrr is 24 dùthaich eadar-dhealaichte, eadar Mexico is Kenya, Barbados is Astràilia agus air feadh na Roinn Eòrpa agus na Stàitean Aonaichte. 

Le taic bho Alba Chruthachail, Comhairle Ealain Shasainn, Comhairle Ealain Cheann a Tuath na h-Èireann agus Comhairle Ealain na Cuimrigh/Wales Arts International, tha an sgeama pìleatach Urras Eadar-nàiseanta nan Ceithir Dùthchannan a’ cur taic ri planaichean luchd-ealain a dhèiligeas ann an dòighean ùra, tùrach, ri cuspairean bunaiteach a tha mar coinneamh, leithid ceartas sòisealta, dearbh-aithne gnè agus seasmhachd àrainneachd. 

Tha Alba Chruthachail a’ stiùireadh pròiseas tagradh an stòrais às leth comhairlean ealain nan ceithir dùthchannan. Às leth a’ chom-pàirteachais, thuirt Paul Burns, Stiùiriche Eadar-amail nan Ealain is Com-pàirteachaidh aig Alba Chruthachail:

“Tha co-obrachadh agus conaltradh eadar-nàiseanta deatamach gus an soirbhich le beachdan ùra agus ceanglaichean ùra eadar dùthchannan. Air a leasachadh ann an com-pàirteachas le comhairlean ealain agus buidhnean nan ceithir dùthaich, bheir am maoineachadh pìleat seo comas do luchd-ealain agus luchd-cruthachaidh air feadh nan dùthchannan dàimhean ùra a chruthachadh, nòsan a leasachadh tro bhith a’ co-roinn bheachdan, dòighean-obrach ùra a rannsachadh agus luchd-èisteachd is amhairc ùr a fhrithealadh.  

“Is iad coimhearsnachdan a bheir cruth air cultar, agus ged a tha na pròiseactan seo eadar-nàiseanta nan nàdar, tha coimhearsnachd aig an cridhe. “Tha na pròiseactan seo a’ toirt cothrom cudromach ionnsachadh còmhla ri ar co-luchd-ealain eadar-nàiseanta mu ghnothaichean an là an-diugh eadar seasmhachd àrainneachd is ceartas sòisealta, agus obair ann an saoghal às deidh COVID-19 agus an Rìoghachd Aonaichte air an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.”

Am measg nam pròiseact a gheibh taic tha:

Thèid uilebheist draga Ghlaschu Shrek 666, còmhla ri buidhinn eadar-nàiseanta de luchd-draga gnè-shùbailte son muinntireasan measgaichte eadar beò is air-loidhnefo stiùir Oozing Gloop agus a’ crìochnachadh ann an cuirm mhòr aig fèis le gach com-pàirtiche- Take me Somewhere (Glaschu), Fierce (Birmingham) agus Kampnagel (Hamburg). 

Thuirt Karl Taylor bho Take Me Somewhere: “Cleachdaidh a’ mhaoin seo fèill mhòr ionadail Shrek666 agus ceangailidh i iad ri an co-luchd-ealain eadar-nàiseanta gus sàr-chuirm cluba clàbarach, dorcha a chruthachadh airson 2023. Is ann tearc a tha cothroman ann an Alba dha pròiseactan cuirm mòra àrd-amasach eadar-dhealaichte draga is cluba, agus mar sin tha co-obrachadh thar-chrìochan a fhuair taic-airgead mar seo riatanach."

Le taic bhon bhuidhinn charthannais Bheul Feirste fo stiùir luchd-ciurram The University of Atypical, co-oibrichidh an neach-ealain taisbeanaidh Sinéad O’Donnell le Selina Bonelli (Folkstone, Sasainn) agus Marta Bosowska (Poznan, a’ Phòlainn) air pròiseact ùr fo stiùir luchd-ciurram, Tairseach (Gàidhlig) / Próg (Pòlannais) - a tha a’ ciallachadh ‘stairsneach/tòiseachadh’ gus dòigh measgaichte com-pàirteachaidh chruthachail a leasachadh a’ cleachdadh conaltradh air loidhne, rannsachadh an dà chuid air loidhne is aghaidh-ri-aghaidh, agus ga thoirt gu buil tro mhuinntireas is cuirm ann am Beul Feirste 

Thuirt Sinéad O’Donnell: “Is e a tha annainn triùir bhoireannach eadar-dhealaichte agus luchd-ealain àrd-ùrlar neo-bhìnearaidh a tha a’ tighinn còmhla gus dòighean ùra a lorg gus cumail oirnn a’ dèanamh ealain san t-saoghal ùr às dèidh a’ ghalar, agus gus dòighean-obrach ùra is ùr-ghnàthach a leasachadh a chleachdas sinne agus luchd-ealain eile. Chan ann a-mhàin mu dheidhinn atharrachadh agus rian a tha am pròiseact seo ach a bhith ag aithneachadh gu bheil an saoghal air atharrachadh agus nach bi na h-aon chleachdaidhean againn gu bràth tuilleadh. Tha sinn airson am pròiseact seo a chleachdadh gus dòighean-obrach ùra a leasachadh a ghabhas a-steach an t-àm a dh’fhalbh, linn a’ ghalair, ach a bhios ag atharrachadh a rèir mar a tha sinne.” 

'S e a tha ann an Reclamation pròiseact rannsachaidh agus tèatair tasglainn leis an sgrìobhadair agus riochdaire Aisha Josiah, a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann; an cleasaiche, bàrd is neach-ealain ioma-fhillte Rachel Nwokoro, a tha stèidhichte ann an Lunnainn, agus stiùiriche à New York Olivia Songer. Tha am pròiseact a’ cuimseachadh air obair-ealain Igbo Nigerianach a tha an-dràsta ga taisbeanadh leis an Wellcome Collection, ann an Lunnainn: thathas a’ coimhead air ciamar a fhuaras am pìos seo nuair a bhathas fo smachd Ìmpireachd Bhreatainn, san 20mh linn, a’ coimhead ri mar a bhathas ga chleachdadh bho thùs ann an deas-ghnàth nan Igbo, agus a’ smaoineachadh ciamar a chuirear am pìos seo ma choinneamh sluagh an là an-diugh.

Thuirt Aisha Josiah: “Tha am pròiseact Reclamation a’ freagairt air an uallach shònraichte a th’ air buidhnean cultarach ath-sgrùdadh a dhèanamh air na taisbeanaidhean aca ann an co-theacs crìoch Ìmpireachd. Le bhith a’ gabhail gnothaich ri pìosan à eachdraidh, agus am brìgh anns an linn a tha ann a sgrùdadh, bheirear air buidhnean leithid Wellcome is an coimhearsnachdan coimhead air aithris dualchais mar conaltradh eadar an dà thaobh: gnothaich leantainneach agus an dà thaobh co-ionann.

Tha Com-pàirteachas nan Nàbaidh Ceilteach aig a’ Chuimrigh a’ cur air dòigh ‘co-bhualaidhean culturach’ eadar na dùthchannan is coimhearsnachdan cànain nas lugha na Roinn Eòrpach is na Rìoghachd Aonaichte.  Ag obair còmhla ri coimhearsnachdan dùthchail ann an Ceredigion agus anns am Vale of Glamorgan (a’ Chuimrigh), a’ Chòrn, Sealltainn agus na h-Eileanan Siar (Alba), Gaidhealtachd na h-Èireann, an Òlaind (Fryslan) agus Serbia (Sirogojno) gabhaidh am pròiseact as ùire aca a-steach iomlaid pìosan luachmhor, ealain agus stuthan-ceàrd, sgrìobhadh is clàran a tha nan samhlaidhean de na cultaran fa leth gus càirdeas, tuigse is miann coitcheann a bhrosnachadh.  

Co-obrachadh ùr-ghnàthach eadar-nàiseantaEnglish Folk Expo  Global Music Match (air a chur air dòigh  le Showcase Scotland Expo agus com-pàirtichean GMM) a chruthaicheas ceanglaichean eadar-nàiseanta do na ceudan de luchd-ciùil dualchasach, dùthchasach is tradaiseanta.

Thuirt Danny Antrobus, Stiùiriche Leasachaidh, English Folk Expo: “Tha sgioba English Folk Expo air leth moiteil gun do chuidich sinn Global Music Match a stèidheachadh, ag obair le ar luchd-com-pàirt air feadh an t-saoghail gus taic a chur ri barrachd air 170 luchd-ealain ann an 17 dùthaich gus luchd-èisteachd is luchd-amhairc ùr a ruighinn, agus a’ brosnachadh co-obrachaidh ùr inntinneach agus bunaitean a leigeil son tursan eadar-nàiseanta san linn a tha ri teachd.

“Le ar com-pàirteachas a-nis san treas bliadhna, tha sinn taingeil taic fhaighinn bho Urras Eadar-nàiseanta nan Ceithir Dùthchannan, a chuidicheas le Global Music Match taic a chur ri tuilleadh luchd-ealain ann am barrrachd dhùthchannan agus tuilleadh sàr cheòl dùalchasach, dùthchasach is tradaiseanta a chur ma choinneamh luchd-èisteachd ùr.”

ThigWide Events CIC, (a chuireas an fhèis Albannach Wide Days air dòigh) còmhla ri Focus Wales agus an fhèis iomraiteachd eadar-nàiseanta, bùth vinyl Mexico agus companaidh clàr, La Roma Records gus luchd proifeiseanta ciùil, meadhannan ciùil agus luchd-ealain a tha deiseil stuth a reic thall-thairis às na trì dùthchannan a thoirt còmhla son taisbeanaidhean margaid, coinneamhan socair agus cothroman coinneachaidh a chur air dòigh.

Thuirt Olaf Furniss, Neach-stèidheachaidh Wide Days: “Tha sinn a’ dèanamh fiughair obrachadh còmhla ri air caraidean aig La Roma Records agus Focus Wales agus bunaitean ullachadh son co-oibreachadh san àm ri teachd agus teachdaireachd malairt ann am pearsa. Mar neach-naidheachd dh’aithris mi mu shaoghal ùr nan clubaichean ann am Mexico, bhruidhinn mi ri sàr chòmhlain is DJs agus chùm sinn ar ciad fèill Born to Be Wide ann am Mexico City. Tha e mìorbhaileach an cothrom a bhith againn Mexico, Alba is a’ Chuimrigh a thoirt còmhla gus bunaitean a leigeil son co-obrachadh san àm ri teachd.  

‘S e a tha anns an t-Urras fear de shreath de cho-obrachadh eadar comhairlean ealain nan ceithir dùthchannan san Rìoghachd Aonaichte, a’ gabhail a-steach an iomairt phìleatach, Arts Infopoint UK a tha a’ tabhainn comhairle air cùisean pragtaigeach a’ buntainn ri gluasadachd luchd-ealain air a stiùireadh le Wales Arts International, cho math ri rannsachadh air dòighean co-chòrdach air iomairtean dà-thaobhach le grunn dhùthchannan Eòrpach, leithid German Fonds SozioKultur

Contact Information

Sophie Bambrough

(+44) 07747 606 146

sophie.bambrough@creativescotland.com

Notes to editors

Làn chunntas de na fhuair maoin bho Urras Eadar-nàiseanta nan Ceithir Dùthchannan: https://news.creativescotland.com/assets/xnk5o-qnuqm-9ofw9-qs1fl-9wd99

Tha an sgeama pìleatach £200,000 Urras Eadar-nàiseanta nan Ceithir Dùthchannan ga mhaoineachadh le Alba Chruthachail, Comhairle Ealain Shasainn, Comhairle Ealain Cheann a Tuath na h-Èireann agus Comhairle Ealain na Cuimrigh/Wales Art International.  

’S e Alba Chruthachail a’ bhuidheann phoblach a tha a’ toirt taic dha na gnìomhachasan ealain, sgrìne agus cultarach air feadh gach pàirt de dh’Alba a’ sgaoileadh maoineachadh air a thoirt seachad le Riaghaltas na h-Alba agus an Crannchur Nàiseanta. Tuilleadh fiosrachaidh aig creativescotland.com. Leanaibh sinn air TwitterFacebook agus Instagram.Ionnsaichibh tuilleadh mu luach ealain is comas cruthachaidh ann an Alba is thig còmhla rinn aig www.ourcreativevoice.scot 

’S e Arts Council England a’ bhuidheann nàiseanta leasachaidh airson cruthachalachd is cultar. Tha sinn air ar n-amas ro-innleachdail a chur a-mach ann an Let’s Create gu bheil sinn ro 2030 airson Sasainn a bhith na dùthaich anns a bheil cruthachalachd gach duine againn ga luachadh ’s gu bheil cothrom aige sin ri soirbheachadh, agus far a bheil cothrom aig gach duine againn air farsaingeachd aibheiseach de fiosraichidhean cultarach àrd-chàileachd. Bidh sinn a’ cur airgid phoblaich bhon Riaghaltas agus an Crannchur Nàiseanta ann an cuideachadh na roinne agus airson an t-seallaidh seo a lìbhrigeadh. www.artscouncil.org.uk

A’ leantainn na h-èiginne COVID-19, leasaich Comhairle nan Ealain Pasgan Dèiligeadh Èiginn de £160 millean, le cha mhòr 90% a’ tighinn bhon Chrannchur Nàiseanta, airson bhuidhnean is dhaoine fa leth a tha feumach air taic. Is sinne cuideachd aon de na buidhnean a tha a’ rianachadh Maoinean Ath-Shlànachadh Chultair, maoinean de £1.96 billean gun ro-shampall aig an Riaghaltas. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.artscouncil.org.uk/covid19.

’S e The Arts Council of Northern Ireland prìomh bhuidheann mhaoineachaidh is leasachaidh nan Ealain a’ toirt taic do phròiseactan ealain air feadh na roinne, tro mhaoin Roinn an Ionmhais is a’ Chrannchuir Nàiseanta.Tha ar maoineachadh a’ toirt comas do luchd-ealain is buidhnean ealain barrachd cothrom fhaighinn air na h-ealain 's a’ choimhearsnachd agus a bhith a’ lìbhrigeadh sàr-ealain a tha ruigsinneach dha na h-uile. 

’S e Wales Arts International buidheann ion-taigh eadar-nàiseanta aig Arts Council of Wales, a’ bhuidheann phoblach air a bheil uallach airson maoineachadh agus leasachadh nan ealain anns a’ Chuimrigh. Tuilleadh fiosrachaidh aig wai.org.uk agus arts.wales. Leanaibh sinn air TwitterFacebook agus Instagram 

Neach-conaltraidh Mheadhanan:  

Sophie Bambrough, Oifigear Mheadhanan & PR, Alba Chruthachail 
M: +44 (0)7747 606 146