four-nations-fund-gaelic-1200x675

Comhairlean & Buidhnean Ealain na RA gus pìleat a dhèanamh air maoin ùir co-obrachaidh eadar-nàiseanta

Bidh maoineachadh ùr gus taic a thoirt do dhaoine fa leth is buidhnean a dh'ionnsaigh leasachadh com-pàirteachais eadar-nàiseanta is pròiseactan co-chruthachaidh fosgailte do dh'iarrtasan air Diardaoin 21 Dàmhair 2021.

Le co-shealbh bho Alba Chruthachail, Arts Council England, Arts Council Northern Ireland agus Arts Council Wales/Wales Arts International, tha a’ mhaoin bheag phìleat Maoin Eadar-nàiseanta nan Ceithir Nàiseanan ga dhealbhadh gus taic a thoirt dhaibh a tha ag obair anns na gnìomhachasan ealain is cruthachail sna ceithir nàiseanan thar na RA is còmhla ri co-obraichean san Roinn Eòrpa is thairis air.  Feumaidh iarrtasan com-pàirtichean ann an co-dhiù dhà à 4 nàiseanan na RA agus co-dhiù aon com-pàirtiche eadar-nàiseanta.

Bidh tabhartasan eadar £1,000 - £5,000 ri fhaotainn à bhuidseat iomlan de £100,000 airson gnìomachd làthaireil, didseatach no tar-chinealach a’ gabhail a-steach iomlaidean, muinntireasan, leasachadh com-pàirteachais, co-chruthachadh agus lìonrachadh, le prìomhachas ga thoirt do dh’iarrtasan a tha a’ feuchainn modailean ùr-ghnàthach de cho-obrachadh eadar-nàiseanta. 

Tha Alba Chruthachail a’ stiùireadh pròiseas iarrtais na maoine às leth comhairlean ealain nan 4 nàiseanan.  Às leth a’ chom-pàirteachais, thuirt Joan Parr, Stiùiriche Eadar-amail nan Ealan is Com-pàirteachaidh aig Alba Chruthachail:

“Tha leasachadh ealain is cultar a’ soirbheachadh air co-obrachadh is iomlaid eadar-nàiseanta. Tha luchd-ealain is luchd-chleachdaidh chruthachail a’ faighinn brosnachadh, cothroman gus cleachdadh a leasachadh is fhàs ann a bhith a’ co-roinn bheachdan is rannsachadh dòighean-obrachaidh ùra, cho math ri bhith a’ ruighinn luchd-amhairc ùra.

“An cois buaidhean COVID-19, an RA a’ fàgal an Aonaidh Eòrpaich is èiginn sìor-fhàs na gnàth-sìde, ag obair còmhla ris ar comhairlean is buidhnean ealain, thèid againn air cuideachadh nas soirbheachaile a thoirt ri aghaidh a chur air dubhlanan dhan fheadhainn stèidhichte ann an Sasainn, Èireann a Tuath, Alba ’s a’ Chuimrigh a tha airson a bhith a’ ceangal leis an co-obraichean eadar-nàiseanta.”

Tha an naidheachd an latha an-diugh a’ riochdachadh sreath de cho-obrachaidhean eadar na comhairlean agus buidhnean ealain aig 4 nàiseanan na RA, a’ gabhail a-steach an iomairt phìleatach, Arts Infopoint UK a tha a’ tabhainn comhairle air cùisean pragtaigeach a’ buntainn ri gluasadachd luchd-ealain air a stiùireadh le Wales Arts International, cho math ri rannsachadh air dòighean co-chòrdach air iomairtean dà-thaobhach le grunn dhùthchannan Roinn Eòrpach, leithid German Fonds SozioKultur.

Contact Information

Sophie Bambrough

(+44) 07747 606 146

sophie.bambrough@creativescotland.com

Notes to editors

Maoin Eadar-nàiseanta nan Ceithir Nàiseanan - Loidhne-ama

  • Stòras a’ fosgladh - Diardaoin 21 Dàmhair 2021
  • Ceann-latha - Diluain 11 Sàmhain 2021
  • Co-dhùnaidhean - Diluain 13 Dùbhlachd 2021
  • Ainmeachadh luchd-fhaighinn - Diardaoin 20 Faoilleach 2022
  • Pròiseactan a’ tòiseachadh - eadar 10 Faoilleach 2022 agus 31 Màrt 2022
  • Pròiseactan coileanta - 31 Màrt 2023

Foillsichear stiùireadh agus freagairtean do cheistean nuair a dh’fhosglas an stòras, agus bu chòir tagraichean fios a chur dha sgioba fiosrachaidh Alba Chruthachail gus bruidhinn air beachdan no ceistean sam bith, mus dèanar tagradh air-loidhne.


’S e Alba Chruthachail
a’ bhuidheann phoblach a tha a’ toirt taic dha na gnìomhachasan ealain, sgrìne agus cultarach air feadh gach pàirt de dh’Alba a’ sgaoileadh maoineachadh air a thoirt seachad le Riaghaltas na h-Alba agus an Crannchur Nàiseanta. Tuilleadh fiosrachaidh aig creativescotland.com. Lean sinn air TwitterFacebook agus Instagram.

’S e Arts Council England a’ bhuidheann nàiseanta leasachaidh airson cruthachalachd is cultar. Tha sinn air ar n-amas ro-innleachdail a chur a-mach ann an Let’s Create gu bheil sinn ro 2030 airson Sasainn a bhith na dùthaich anns a bheil cruthachalachd gach duine againn ga luachadh ’s gu bheil cothrom aige sin ri soirbheachadh, agus far a bheil cothrom aig gach duine againn air farsaingeachd aibheiseach de ghnàth-eòlasan cultarach àrd-chàileachd. Bidh sinn a’ cur airgead phoblaich bhon Riaghaltas agus an Crannchur Nàiseanta ann an cuideachadh na roinne agus airson an t-seallaidh seo a lìbhrigeadh. www.artscouncil.org.uk

A’ leantainn na h-èiginne Covid-19, leasaich Comhairle nan Ealan Pasgan Dèiligeadh Eìginn de £160 millean, le cha mhòr 90% a’ tighinn bhon Chrannchur Nàiseanta, airson bhuidhnean is dhaoine fa leth a tha feumach air taic. Is sinne cuideachd aon de na buidhnean a tha a’ rianachadh Maoinean Ath-Shlànachadh Chultair, maoinean de £1.96 billean gun ro-shampall aig an Riaghaltas. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.artscouncil.org.uk/covid19.

’S e Wales Arts International buidheann ion-taigh eadar-nàiseanta aig Arts Council of Wales, a’ bhuidheann phoblach air a bheil uallach airson maoineachadh agus leasachadh nan ealan anns a’ Chuimrigh. Tuilleadh fiosrachaidh aig wai.org.uk agus arts.wales. Lean sinn air Twitter, Facebook agus Instagram

’S e The Arts Council of Northern Ireland prìomh bhuidheann mhaoineachaidh is leasachaidh nan Ealan a’ toirt taic do phròiseactan ealain air feadh na roinne, tro mhaoin Roinn an Ionmhais is a’ Chrannchuir Nàiseanta.  Tha ar maoineachadh a’ toirt comas do luchd-ealain is buidhnean ealain barrachd cothrom fhaighinn air na h-ealain 's a’ choimhearsnachd agus a bhith a’ lìbhrigeadh sàr-ealain a tha ruigsinneach dha na h-uile.

Neach-conaltraidh Mheadhanan:

Sophie Bambrough, Oifigear Mheadhanan & PR, Alba Chruthachail
M: +44 (0)7747 606 146